Home
Page
Contact
Us
Make a Payment,
Methods of
Payment, Refund and Exchange Policies
Rosaries
subpages:
How to Pray the
Rosary
subpages:
Pictures
Main Page
subpages:
Curriculum
subpages:
Website
Terms of Use
License
Agreement
Sitemap
The Work of God's Children
|
Gàidhlig Rosary Prayers
This language is also known as Gaelic, Scottish Gaelic, Scots Gaelic,
Albannach Gaidhlig, Erse, and Scottish.
This language is spoken by 59,000 in Scotland, United Kingdom.
See also The
Work
of God's Children page for the illustrated version of prayers
in this language.
Comharradh
Na
Croise
/ The
Sign of the Cross / Signum Crucis (Version 1)
+
An ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spiorad Naoimh. Amen.
CREUD
NAN OSTAL / Apostles' Creed / Credo (Version 1)
CREIDEAM ann an Dia, an
t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair neimh agus talmhuinn. Agus ann
an Iosa Criosda, 'aon Mhac-san, ar Tighearna; a ghineadh leis an
Spiorad Naomh, a rugadh le Moir' Oigh, a dh'fhuilig fo Phontius
Pilat, a cheusadh, a fhuair bas, is a thiodhlaiceadh; a chaidh sios a
dh'ifrinn, a dh'eirich an treas latha bho an mairbh; a chaidh suas
air neimh, a tha na shuidhe air deas laimh Dhe an t-Athair
uile-chumhachdach; a sin thig e rithis a thoirt breitheanais air
bheo is air rnhairbh. Creideam anns an Spiorad Naomh, an Eaglais
naomh Chaitliceach, co-chomann nan Naomh, mathanas nam peacannan,
aiseirigh na colainne, is a' bheatha shiorraidh. Amen.
Creud
nan Abstol / The Apostles' Creed
Creideam ann an Dia, an
t-Athair uile-chumhachdach,
Cruthadair nèimh agus talmhainn,
agus
ann an Iosa Crìosta, ’aon Mhac-san, ar Tighearna;
a ghineadh
leis
an Spiorad Naomh,
a rugadh le Moire Oigh,
a dh’fhuiligPhontius
Pilat,
a cheusnadh, a fhuair bàs, is a thìodhlaiceadh;
a
chaidh
sìos a dh’ifrinn;
a dh’èirich an treas latha bho na
mairbh;
a
chaidh suas air nèamh,
a tha na shuidhe air deas làimh
Dhè an
t-Athair uile-chumhachdach;
à sin thig e a-rithist a thoirt
breitheanais air bheo is air mhairbh.
Creideam anns an Spiorad
Naomh,
an Eaglais naomh Chaitligeach,
co-chomann nan Naomh,
mathanas
nam peacannan,
aiseirigh na coluinne,
is a’ bheatha shìorraidh.
Another version of
Creud
nan Abstol / The Apostles' Creed
Tha
mi
creidsinn
ann
an
Dia an t-Athair Uile-chumhachdach, Cruithfhear
nèimh agus talmhainn:
Agus ann an Iosa Criosd aon Mhac-san
ar Tighearn,
A ghabhadh leis an Spiorad naomh, A rugadh leis an
Oigh Muire,
A dh’ fhuiling fo Phontius Pilat, A cheusadh, a
fhuair bàs, agus a dh’ adhlaiceadh; Chaidh e sìos do
dh’ ifrinn,
Air an treas là dh’ éirich e rìs
o na mairbh,
Chaidh e suas gu Nèamh, Agus tha e n a shuidhe
air deas làimh Dhé an t-Athair Uilechumhachdach;
As
an sin thig e thoirt breth air na bèothaibh agus air na
mairbh.
Tha mi creidsinn anns an Spiorad naomh;
S an Eaglais
naomh Choitchionn; An Comhchomunn nan Naomh;
Am maitheanas
pheacaidhean;
An aiseirigh a’ chuirp,
Agus s a’ bheatha
shìorruidh, Amen.
Another version
of
Cré
Na
nAspel
/
The
Apostles' Creed
Creidim
i nDia, an tAthair Uilechumhachtach, Cruthaitheoir Nimhe agus
Talún,
agus
i nÍosa Críost a Aonmhac san ár dTiarna, do
gabhadh ón Spriod
Naomh, do rugadh ó Mhuire ógh, d'fhulaig páis
fé Phointeas
Píolóid, do céasadh ar an gcrois, fuair bás
agus d'adhlacadh,
chuaigh síos go hifreann, d'aiséirigh an treas lá
ó mhairbhe,
chuaigh suas ar neamh, tá ina shuí ar dheasláimh
Dé an tAthair
Uilechumhachtach, as san tiocfaidh ag tabhairt bhreithiúntais ar
bheo is ar mhairbh.
Creidim
sa Spriod Naomh, sa naomh-Eaglais Chaitliceach, i gComaoine na Naomh,
i Maithiúnachas na bPeacaí, i nAiséirí na
Colla, is sa Bheatha
Shíoraí.
URNAIGH
AN TIGHEARNA / A'PHAIDIR / The Lord's Prayer / Our Father / Pater
Noster (Version 1)
Ar
n-Athair, a tha air neamh,
gum bu naomh a bhios t'ainm
;
gun tigeadh do rioghachd,
gun deanar do thoil air
talamh
mar a thathas ga deanamh air neamh.
Thoir
dhuinn an diugh ar n-aran lathail
math dhuinn ar
fiachan,
mar a mhathas sinne do luchd ar fiach.
Agus
na leig ann am buaireadh sinn.
Ach saor sinn bhon olc.
Amen.
Ar
n-Athair / Our Father
Ar n-Athair, a tha air nèamh,
gum bu naomh a bhios t’ ainm;
gun
tigeadh do rìoghachd,
gun dèanar do thoil air talamh
mar
a thathas a’ dèanamh air nèamh.
Thoir dhuinn
an-diugh ar n-aran lathail:
math dhuinn ar fiachan,
mar a mhathas sinne
do luchd-ar fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn.
Ach
saor sinn bhon olc. Amen.
Another
version
of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a tha air
nèamh,
gu naomhaichear d'ainm.
Thigeadh do
rìoghachd.
Gun deanar do thoil air thalamh, mar nèamh,
gu'm bu h-amhluidh sin
air .
Thoir dhuinn o là
gu là ar n-aran lathail
agus maith dhuinn ar
peacaidhean,
oir tha sinne
féin a'maitheadh do gach aon air am bheil fiachan againn,
agus na leig ann am
buaireadh sinn,
ach saor sinn o'n
olc. Amen.
Doxology
Oir is leatsa an
rìoghachd, agus an cumhachd,
agus
a'ghlòir, gu
sìorruidh.
Another
version of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a ta air
nèamh,
gu naomhaichear t'ainm.
Thigeadh do
rìoghachd.
Deanar do thoil, mar air
nèamh,
gu'm bu h-amhluidh sin
air thalamh.
Thoir dhuinn o là
gu là ar n-aran lathail
agus maith dhuinn ar
peacaidhean,
oir tha sinne
féin a'maitheadh do gach aon air am bheil fiachan againn,
agus na leig ann am
buaireadh sinn,
ach saor sinn o'n
olc Amen.
Doxology
Oir is leatsa an
rìoghachd, agus an cumhachd,
agus a'ghlòir, gu
sìorruidh.
Another version of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a tha nèamh,
gu naomhaichear d'ainm.
Thigeadh do rìoghachd. Gun
dèanar do thoil air thalamh.
már a nithear air nèamh.
Tabhair dhuinn an-diugh
ar n-aran làitheil. Agus
maith dhuinn ar fiachan,
mar a mhaitheas sinne dar
luchd-fiach. Agus na leig
ann am buaireadh sinn; ach
saor sinn on olc. Amen.
Doxology
Oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus
a'ghlòir, gu sìorruidh.
Another version of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a ta air
nèamh,
gu naomhaichear t'ainm.
Thigeadh do
rìoghachd.
Deanar do thoil, mar air nèamh,
gu'm
bu h-amhluidh sin air thalamh.
Thoir dhuinn o là gu là
ar n-aran lathail
agus maith dhuinn ar peacaidhean,
oir tha
sinne féin a'maitheadh do gach aon air am bheil fiachan
againn,
agus na leig ann am buaireadh sinn,
ach saor sinn o'n
olc. Amen.
Another version of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a tha nèamh:
gu naomhaichear d'ainm.
Thigeadh do rìoghachd.
Dèanar do thoil air an talamh
mar a nithear air nèamh.
Tabhair dhuinn andiugh
ar n-aran lathail. Agus
maith dhuinn ar fiachan, amhuil
mar a mhaitheas sinne d'ar
luchd-fiach. Agus na leig
'am buaireadh sinn; ach
saor sinn o olc. Amen.
Doxology
Oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd,
agus a'
ghlòir, gu siorraidh.
Another version of
Ar
nathairne
/
Our
Father (1870)
Ar nathairne, ata air neamh,
Go ma beannuighte hainimsa.
Go dtigeadh do rioghachdsa;.
deanar do thoilsi ar dtalmhuin
mar ata air neamh.
Tabhair dhuinn an niugh
ar naran laetheameuil. Agus
maith dhuinne ar bhfiacha, amhuil
mhaithmuid dar
bhfeicheamhnuibh.. Agus na leig
ambuaidhreadh sin; acht
saor sinn o olc. Amen.
Another version of
Ar
n-Athair / Our Father :
Ar n-Athair a tha air nèamh:
gu naomhaichear
d'ainm.
Thigeadh do rìoghachd.
Dèanar do thoil
air an talamh,
mar a nithear air nèamh.
Tabhair dhuinn
an-diugh ar n-aran làitheil,
agus maith dhuinn ar
fiachan,
amhail mar a mhaitheas sinne d'ar luchd-fiach.
Agus na
leig ann am buaireadh sinn,
ach saor sinn o olc.
Amen.
BEANNACHADH
MOIRE / Hail Mary / Ave Maria (Version 1)
Failte dhut, a Mhoire,
tha thu
lan de na grasan
tha an Tighearna maille riut
is
beannaichte thu am measg nam mna,
agus is beannaichtc toradh
do bhronn, Iosa.
A Naomh Mhoire, a Mhathair Dhe,
guidh'
air ar sonne na peacaich
a nis agus aig uair ar bais. Amen.
Another
version of
Fàilte
dhut, a Mhoire / Hail Mary / Ave
Maria
Fàilte dhut, a Mhoire, tha thu làn
de na gràsan;
tha an Tighearna maille riut:
is beannaichte thu am measg nam
mnà,
agus is beannaichte toradh do bhronn, Iosa.
A Naomh
Mhoire, a Mhàthair Dhè,
guidh air ar son-ne na peacaich
a-nis agus aig uair ar bàis.
Another version
of
Beannaichear
dhut
a
Mhoire
/
Hail
Mary / Ave Maria
Beannaichear
dhut a Mhoire,
tha thu lan dhe na grasan;
thàn Jighearna
maille riut,
's beannaichte thu measg mna,
's beannaichte
toradh do bhronn, Josa.
A naomb Mhoire, a mhathair Dhé,
guith
air ar sonne na peacaich anis,
agus aig uair ar bais.
Amen.
GLOIR
DON ATHAIR / Glory Be to the Father / Gloria Patri (Version 1)
Gloir don Athair,
agus
don Mhac,
agus don Spiorad Naomh.
Mar a bha, 's mar a tha, 's
mar a bhitheas,
fad shaoghal nan saoghal. Amen.
FAILTE
DHUT A BHANRUINN / Hail, Holy Queen / Salve Regina (Version 1)
Failte dhut a
Bhanruinn, a Mhathair na trocaire, ar beatha ar solas, is ar dochas,
failte ort. Riutsa tha sinne, sliochd seachranach Eubha, a togail ar
gutha. Riutsa tha sinn ag osnaich, a caoidh is ag acain, ann an
gleann so nan deur. Thoir, mata, iuchair nan gras, suil fhial oirne.
Agus an deidh dhuinn a chein- thir seo fhagai1, feuch dhuinn toradh
beannaichte do bhronn, losa. O Mhoire Oigh bhaidheil, ghradhach
chaomh!
Guidh' air ar son, a Mhathair Naomh Dhe.
Los
gun toill sinn gealladh Chriosda.
Amen.
A
CHONAIR MHOIRE / The Holy Rosary
Na Ruin
/ The Luminous Mysteries
The Baptism of Christ
Matthew
3:13-17
Mark
1:9-11
Luke
3:21-22
John
1:32-34
The Miracle at Cana
John
2:1-12
Proclamation of the Coming of
the Kingdom
Matthew
4:12-25;46
Mark
1:14-13:37
Luke
4:14-21:38
John
3:13-12:50
The Transfiguration
Matthew
17:1-8
Mark
9:1-12
Luke
9:28-36
The Last Supper
Matthew
26:26-29
Mark
14:22-25
Luke
22:14-20
Na Ruin Dhoruinneach / The Sorrowful Mysteries
Urnaigh Is Fallus-Fala Chriosda Anns A Gharadh / The Agony in the Garden
Matthew
26:36-46
Mark
14:32-42
Luke
22:39-46
Sgiursadh Iosa Aig A Phosta / The
Scourging
Matthew
27:26
Mark
15:15
Luke
23:14-16
John
19:1
Crun Droighinn Air A Chur Air Ceann Chriosda / The Crowning with
Thorns
Matthew
27:27-30
Mark
15:16-19
John
19:2-3
Iosa A' Guilan Na Croise / Jesus Carries His Cross
Matthew
27:31-33
Mark
15:20-22
Luke
23:26-32
John
19:16-17
Iosa Air A Cheusadh / The
Crucifixion
Matthew
27:34-56
Mark
15:23-41
Luke
23:33-49
John
19:18-30
Na Ruin Ghlormhor /
The Glorious Mysteries
Aiseirigh Chriosda / The Resurrection
Matthew
28:1-15
Mark
16:1-13
Luke
24:1-12
John
20:1-18
Deasghabhail Iosa Criosda / The
Ascension
Mark
16:19-20
Luke
24:50-53
Acts
1:9-11
Tighinn An Spioraid Naoimh Air An H-Ostail / The Descent of the
Holy
Spirit
Acts
2:1-41
An Oigh Bhainnaichte A Gabhail Seilbh Am Flathanas / The Assumption
Crunadh Na H-Oigh Moire / The Coronation of Mary
in Heaven
A
CHONAIR MHOIRE / THE
ROSARY (Version 1)
An
ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen.
Fosglaidh
tusa, a Thigheama, mo bheul.
Agus
bheir mo theanga cliu dhut.
Dean
cobhair orm, O Dhia.
A
Thighearna, greas gum chuideachadh.
Gloir
don Athair. agus don Mhac, agus don Spiorad Naomh.
Mar
a bha, is mar a tha, is mar a bhitheas, fad shaoghal nan saoghal.
Amen.
A
CHEUD EARRANN / THE
FIRST PART
Na
coig ruin Aoibhneach, ri an gabbail a h-uile Diluain is Diardaoin
Di-domhnaich 'San Aidbhein agus an deidh Latha nan tri Righrean gu
Carghus.
The
five joyful mysteries are to be said each Monday and Thursday and
Sundays in Advent, and Christmastide up until Lent.
I.
TEACHDAIREACHD AN AINGIL / THE
ANNUNCIATION
SMAOINICHAMAID
anns an run dhioimhair so gun do chuir an t-Aingeal Gabriel failte
air an Oigh bheannaichte leis na briathran so, Tha thu lan de na
grasan. agus gun do dh'innis e dhi gun robh ar Tighearna Iosa Criosda
a dol a ghabhail colunn daonda.
Ar
n-Athair, a tha air neamh, ..., aon uair.
Failte
dhut, a Mhoire, ..., deich uairean.
Gloir
don Athair, ..., aon uair.
II.
TURUS MOIRE GU A BANA-CHARAID BAN-NAOMH EALASAID / MARY
VISITS HER KINSWOMAN ELIZABETH
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair seo gun deachaidh an Oigh bheannaichte Moire,
is air cluinntinn bhon Aingeal gun do ghabh a bana-charaid Ban-naomh
Ealasaid sliochd, air a h-adhart gu luath gu beanntan Iudea a
dh'amharc oirre, agus gun do dhfhuirich i comhla rithe tri miosan.
Ar
n-Athair, ...
III.
BREITH
IOSA
ANN
AM BETHLEHEM / JESUS
IS BORN IN BETHLEHEM
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun d'rug an Oigh bheannaichte Moire 'san am
fhreagarrach dhi, ar Slanuighear Iosa Criosda mu mheadhon-oidhche.
agus gun do chuir i anns a phrasaich e, a thaobh is nach robh aite
dha anns na tighean.
Ar
n-Athair, ...
IV.
IOSA AIR A THAIRGSINN 'SAN TEAMPULL / JESUS
IS PRESENTED IN THE TEMPLE
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun do thairg an Oigh bheannaichte Moire,
air latha a glanaidh a reir an lagha, an leanabh naomh Iosa anns an
Teampull; far an d'thugNaomh Simeon taing do Dhia gu ro-chrabhach, is
a ghabh e air a ghairdean e.
Ar
n-Athair, ...
V.
FHUARAS IOSA CRIOSDA 'SAN TEAMPULL / JESUS
IS FOUND IN THE TEMPLE
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun d'fhuair an Oigh bheannaichte Moire, an
deidh sireadh tri latha le bron, a Mac gaolach, a chaill i gu
neo-chiontach, 'san teampull am meadhon nan ollamh, a reusanachadh
riutha, 'na dha bhliadhn deug a dh'aois.
Ar
n-Athair, ...
Criochnichear
gach earrann mar a leanas:
The
Rosary is completed with the following prayers.
FAILTE
dhut, a Bhanruinn..............
Deanamaid
urnuigh.
A
DHIA, a cheannaich coir dhuinn air duais shiorruidh le beatha, bas,
is aiseirigh t'aon Mhic ionmhuinn thugas dhuinn a tha a beachdachadh
air na ruin dhiomhair a tha san urnuigh so, gun lean sinn an seoladh,
is gun faigh sinn an gealltanas. Tro losa Criosda. ar Tighearna.
Amen.
AN
DARNA EARRANN / THE
SECOND PART
Na
coig Ruin Dhoruinneach, ri an gabhail a h-uile Di-mairt is Di-haoine
agus air di-Domhnaich anns a Charghus.
The
five sorrowful mysteries are to be said on each Tuesday and Friday
and on Sundays in Lent.
I.
URNAIGH IS FALLUS-FALA CHRIOSDA ANNS A GHARADH / THE
PRAYER AND AGONY OF JESUS IN THE GARDEN
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so mar a bha Iosa Criosda ar Tighearna, fo
dhoruinn cho trom ann an garadh Ghethsemane, is gun robh fallus-fala
a fasgadh troimh a choluinn naoimh, agus a sruthadh gu lar.
Ar
n-Athair, ...
II.
SGIURSADH IOSA AIG A PHOSTA / JESUS
IS SCOURAGED AT THE PILLAR
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so mar a chaidh Iosa Criosda ar Tighearna, mun
deachaidh a liubhairt do na h-Iudhaich gu a bhi air a cheusadh. a
sgiursadh go goirt aig a phosta aig taigh Philait.
Ar
n-Athair, ...
III.
CRUN
DROIGHINN
AIR
A CHUR AIR CEANN CHRIOSDA / JESUS
IS CROWNED WITH THORNS
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so mar a ghabh an sluagh gun iochd, gun bhaidh,
an droigheann geur, agus an deidh crun a dheanamh dheth, sparr iad e
gun athadh air ceann beannaichte Iosa Criosda ar Tighearna.
Ar
n-Athair, ...
IV.
IOSA A' GIULAN NA CROISE / JESUS
CARRIES HIS CROSS
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun do ghiulain Iosa Criosda ar Tigheama a
chrois a chuireadh air a ghuaillean creuchdach agus gun do dh'imrich
e i cuideachd le mor fhaighidinn, air a thruimead is gun robh i, agus
air a mheud is gun robh a taire.
Ar
n-Athair, ...
V.
IOSA AIR A CHEUSADH / JESUS
IS CRUCIFIED
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so nach luaithe a rainig ar Slanuighear Iosa
Criosda beinn Chalbhari, na chaidh aodach a spionadh dheth agus a
lamhan is a chasan naomha a thairgneachadh gu teann agus gu piantail
ri fiodh na croise ann am fianuis a Mhathar bhronaich.
Ar
n-Athair, ...
AN
TREAS EARRANN / THE
THIRD PART
Na
coig ruinn Ghlormhor, ri an cantainn a h-uile Di-Ceudaoin is
Di-Sathairn; agus air Di-Domhnaich bho Chaisg gus an Aidbhein.
The
five glorious mysteries are to be said on each Wednesday and Saturday
and on Sundays from Easter to Advent.
1.
AISEIRIGH CHRIOSDA / THE
RESURRECTION OF CHRIST
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun do dh'eirich ar Tighearna Iosa Criosda
gu cumhachdach is gu glormhor air an treas latha bho bhas gu beatha,
is gu bheil e a so suas os cionn gath a bhais, is guin peine.
Ar
n-Athair, ...
II.
DEASGHABHAIL IOSA CRIOSDA / THE
ASCENSION OF JESUS
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun deachaidh ar Slanuighear Iosa Criosda an
ceann da fhichead latha an deidh Aiseirigh, suas gu neamh, air a
chuairteachadh leis na h-Ainglean. ann an laithair a Mhathar naoimhe,
nan Ostal agus nan deisciobul, a bha ag amharc air le mor-ioghnadh.
Ar
n-Athair, ...
III.
TIGHINN
AN
SPIORAID
NAOIMH AIR AN H-OSTAIL / THE
COMING OF THE HOLY SPIRIT ON THE APOSTLES
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun do chuir Iosa Criosda, an deidh dha
suidhe air 1aimh dheis Dhe, an Spiorad Naomh a nuas air na h-Ostail,
mar a gheall e; agus iad 'san am maille ri Moire ann an Ierusalem ri
urnuigh is ri crabhadh gu dian, a feitheamh ri tighinn an Spioraid
Naoimh an Comhfhurtair.
Ar
n-Athair, ...
IV.
AN OIGH BHAINNAICHTE A GABHAIL SEILBH AM FLATHANAS / THE
ASSUMPTION OF OUR LADY INTO HEAVEN
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun deachaidh an Oigh ghlormhor Moire,an
ceann da bhliadhn' deug an deidh Aiseirigh a Mic, suas do fhlathanas
as an t-saoghal so le urram mor agus gloir air a cuairteachadh le
feachdan Ainglean.
Ar
n-Athair, ...
V.
CRUNADH NA H-OIGH MOIRE / THE
CROWNING OF OUR LADY AND THE GLORY OF THE SAINTS
SMAOINICHEAMAID
anns an run dhiomhair so gun do chuir a Mac cumhachdach, an lathair
comh-thional aobhach nan Naomh is nan Aingeal, crun na glorach a
baille is a bu ghile air ceann na h-Oighe beannaichte Moire Mathair
Dhe.
Ar
n-Athair, ...
Glòir
gun
robh
do
Dhia
/ Glory to God in
the Highest
Glòir gun robh do Dhia anns na h-àrdaibh,
agus air talamh sìth, deadh-ghean do dhaoinibh.
Tha sinn a toirt molaidh dhuit,
tha sinn g ad bheannachadh,
tha sinn a toirt aoraidh dhuit,
tha sinn a toirt glòire dhuit,
tha sinn a toirt buidheachais dhuit air son do mhòr
ghlòire,
O Thighearna Dhé, a Rìgh nèamhaidh, a Dhé,
an t-Athair Uile-chumhachdach;
agus dhuit-sa, O Dhé, an t-aon-ghin Mhic Iosa Criosd;
agus dhuit-sa, O Dhé, an Spiorad Naomh.
O Thighearna, an t-aon-ghin Mhic Iosa Criosd:
O Thighearna Dhé, Uain Dhé, Mhic an Athar,
a tha toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, dean tròcair
oirnn.
Thusa a tha toirt air falbh pheacaidhean an t-saoghail, gabh ri r
n-urnuigh.
Thusa a tha a d shuidhe air deas làimh Dhé an Athar, dean
tròcair oirnn.
Oir is tusa a mhàin a tha naomh, is tusa a mhàin an
Tighearn, is tusa a mhàin, O Chriosd,
maille ris an Spiorad Naomh, a tha ro àrd ann an glòir
Dhé an Athar. Amen.
Creud
na Nicene / The Nicene Creed
Tha
sinn a' creidsinn ann an aon Dia, an t-Athair, an uile-chumhachdach,
cruithear nèimh agus talmhainn, de na h-uile a tha
faicsinneach is neo-fhaicsinneach.
Tha
sinn a' creidsinn ann an aon Tighearna, Iosa Crìosd, aon mhac
Dhe, gu siorraidh ginte den Athair, Dia o Dhia, Solas o Sholas,
fìor
Dhia o fhìor Dhia, ginte, chan ann deante, den aon susbaintris
anAthair. Leis an do rinneadh a h-uile nì. Air ar son-ne agus
airson ar saoraidh thàinig e a-nuas o nèamh; le
cumhachd an Spioraid Naoimh ghabh e colann daonna den Oigh Moire agus
rinneadh na dhuine e. Air ar son-ne cheusadh e fo Phointius
Pìlat;
dh'fhulaing e bàs agus dh'adhlaiceadh e. Air an treas latha
dh'eirich e a-rithist a-reir nan Sgriobtairean; chaidh e suas gu
nèamh agus tha e na shuidhe aig deas-laimh an Athar. Thig e
a-rithist ann anglòira thoirt breith air na beothaibh agus air
na mairbh, agus air a rìoghachd cha bhi crìoch.
Tha
sinn a'creidsinn anns an Spiorad Naomh, an Tighearna, tabhartair
beatha, a tha a' tighinn on Athair agus on Mhac. Leis an Athair agus
leis a' Mhac, tha e air adhradh agus air a ghlòrachadh, a
labhair tro na Fàidhean.
Tha
sinn
a
creidsinn
ann
an aon Eaglais naomh chaitligeach agus
abstolach. Tha sinn ag aideachadh aon bhaistidh gu maitheanas
pheacannan. Tha dùil againn ri aiseirigh nam marbh, agus ri
beatha an t-saoghail
a
tha
ri
teachd.
Amen.
Creud
Naomh Atanasius / The Athanasian Creed
Co air
bith leis an àill a bhi air a shàbhaladh : roimh gach
ni tha e feumail gu’n cum e gu daingean an Creidimh Coitchionn.
Mur
gleidh gach neach an Creidimh so gu h-iomlan agus gun truailleadh :
gun teagamh théid e mugha gu sìorruidh.
Agus is e so
an Creidimh Coitchionn: gu’n toir sinn aoradh do dh’ aon Dia ann
an Trionaid, agus Trionaid ann an Aonachd;
Gun
a bhi ‘coimh-mheasgadh nam pearsannan ; no ‘roinn an naduir.
Oir
tha aon phearsa ann de ‘n Athair, pearsa eile de ‘n Mhac : agus
pearsa eile de ‘n Spiorad Naomh.
Ach Diadhachd an Athar, a’
Mhic, agus an Spioraid Naoimh is aon i uile ; tha a’ Ghlòir
co-iounan, a’ Mhòrachd co-shìorruidh.
Mar a tha ‘n
t-Athair, mar sin tha am Mac : agus mar sin tha an Spiorad Naomh.
An
t-Athair neo-chruthaichte, am Mac neo-chruthaichte : agus an Spiorad
Naomh neo-chruthaiclite.
An t-Athair neo-chrìochnach, am
Mac neo-chrìochnach : agus an Spiorad Naomh
neo-chrìochnach.
An t-Athair sìorruidh, am Mac
sìorruidh : agus an Spiorad Naomh sìorruidh.
Agus
gidheadh cha tri sìorruidh iad : ach aon sìorruidh.
Mar
an ceudna cha-n ‘eil tri neo-chrìochnach, no tri
neo-chruthaichte ann : ach aon neochruthaichte, agus aon
neo-chrìochnach.
Mar an ceudna tha an t-Athair
Uile-chumhachdach, am Mac Uile-chumhachdach : agus an Spiorad Naomh
Uile-chumhachdach.
Agus gidheadh cha tri Uile-chumhachdach iad :
ach aon Uile-chumhachdach.
Mar so is Dia an t-Athair, is Dia am
Mac : agus is Dia an Spiorad Naomh.
Agus gidheadh cha tri Dée
iad : ach aon Dia.
Mar an ceudna is Tighearn an t-Athair, is
Tighearn am Mac : agus is Tighearn an Spiorad Naomh;
Agus gidheadh
cha tri Tighearnan iad : ach aon Tighearn.
Oir amhuil mar a tha
sinn air ar coimhéigneachadh leis an fhìrinn Chriosdail
: a dh’ aideachadh gur Dia agus Tighearn gach pearsa fa leth;
Mar
sin tha e air a thoirmeasg dhuinn leis a’ Chreidimh Choitchionn : a
ràdh, Gu bheil tri Dée, no tri Tighearnan ann.
Cha-n
‘eil an t-Athair deanta le neach air bith : no cruthaichte, no
ginte.
Tha am Mac o’n Athair a mhàin : cha ‘n ann
deanta, no cruthaichte, ach ginte.
Tha an Spiorad Naomh o’n
Athair agus o’n Mhac : cha-n ann deanta, no cruthaichte, no ginte,
ach a’ teachd.
Mar sin tha aon Athair ann, ni h-e tri
Aithrichean; aon Mhac, ni h-e tri Mic : aon Spiorad Naomh, ni h-e tri
Spioraid Naomha.
Agus anns an Tnionaid so cha-n ‘eil aon roimh,
no an déigh a chéile : cha-n ‘eil aon na ‘s mò,
no na ‘s lugha na ‘chéile.
Ach tha na tri pearsannan
uile co-shìorruidh le ‘chéile : agus co-ionnan.
Mar
sin anns na h-uile nithibh, mar a thubhairteadh roimhe : is còir
aoradh a thoirt do ‘n Aonachd ann an Trionaid, agus do ‘n
Trionaid ann an Aonachd.
Uime sin an ti, leis an àill a bhi
air a shàbhaladh : feumaidh e smuainteachadh mar so air an
Trionaid.
Os barr, tha e feumail chum slàinte shìorruidh
: gu’n creideadh e gu ceart mar an ceudna ann an Teachd ar
Tighearna Iosa Criosd ‘s an fheòil.
Oir is e an Creidimh
ceart, gu’n creid agus gu’n aidich sinn : gur Dia, agus Duine, an
Tighearn Iosa Criosd, Mac Dhé;
Dia de nadur an Athar, ginte
roimh na saoghail : agus Duine de nadur a Mhathar, a rugadh auns an
t-saoghal;
Dia iomlan, agus Duine iomlan : aig am bheii anam
reusanta agus feòil dhaoine;
Co-ionnan ris an Athair, a
thaobh a Dhiadhachd : agus is ìsle na ‘n t-Athair, a thaobh
a Dhaonnachd.
An ti ged is Dia, agus is Duine e : gidheadh cha dà
Chriosd, ach a h-aon e:
Is aon e; cia-n ann le tionndadh na
Diadhachd gu feòil : ach le gabhail na Daonnachd gu Dia;
Is
aon e gu h-iomlan; cha-n ann le coimhmheasgadh naduir : ach le
aonachd pearsa.
Oir mar is aon duine an t-anam reusanta agus an
fheòil : mar sin an ti is e Dia agus Duine, is aon Chriosd
e.
A dh’ fhuiling air son an sàbhalaidh : a chaidh sìos
do dh’ ifrinn, a dh’ éirich a rìs air an treas là
o na mairbh.
Chaidh e suas gu nèamh, tha e ‘n a shuidhe
air deas làimh an Athar, Dia Uile-chumhachdach : as an sin
thig e ‘thoirt breith air na beòthaibh agus air na
mairbh.
Aig a theachd, éinidh na h-uile dhaoine rìs
le ‘n corpaibh : agus bheir iad cunntas air son an oibre féin.
Agus
iadsan a rinn maith, théid iad gu beatha shìorruidh:
agus iadsan a rinn olc gu teine sìorruidh.
‘S e so an
Creidimh Coitchionn : mur a creid duine e gu fìrinneach, cha
n-urrainn da ‘bhi air a shàbhaladh.
Glòir do ‘n
Athair, agus do ‘n Mhac : agus do ‘n Spiorad Naomh;
Mar a bha
air tùs, a tha nis, agus a bhitheas gu bràth : saoghal
gun chrìoch. Amen.
SLIGHE
NA
CROISE
/
STATIONS
OF THE CROSS
This
devotion is among the very popular devotions of the Church. The
Stations of the Cross are 14 meditations on the suffering of Christ
from his condemnation by Pontius Pilot until he is laid in the tomb.
Around the walls of our Churches are 14 crosses usually with
appropriate pictures of the scene to be meditated on. The Stations
took centuries to develop into the devotion that we have today.
In
the 14th century, the Franciscans, who were given the
care of the Holy Places in the Holy Land, promoted the stations as a
way of promoting devotion to the passion of Christ. It wasn't until
the 18th century, however, that the stations took the
exact form with which we are now familiar in our Catholic Churches.
Pope Clement X11 in 1731 determined the number of stations, the place
and circumstances of their erection and the way in which the devotion
was to be practiced.
SLIGHE
NA CROISE
AIG
AN ALTAIR / AT
THE ALTAR
O
mo Dhia, dha bheil mi a' toirt gaoil os cionn gach nì, tha mi
duilich bho ghrunnd mo chridhe gun do chuir mi mì-thlachd riamh
ort
lem pheacannan. Le còmhnadh do ghràs, tha mi a' cur
romham a seo
suas gun seachainn mi gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a
h-uile
ceann-adhbhar a' pheacaidh. Amen.
1
Stad: IOSA AIR A DHITEADH GU BAS / JESUS
IS CONDEMNED TO DEATH
AN
SAGART: Tha sinn a' toirt adhraidh dhut, a Chriosda, 's tha sinn a'
toirt cliu dhut.
AM
POBALL: A chionn led chrois naoimh gun do shaor thu an saoghal.
(mar
seo toisichear gach stad)
S.
Tha Iosa neo-chiontach. Tha e air a' bhrath agus air a' threigsinn le
dheisciobail agus air a dhìteadh gu bàs le naimhdean.
(Meoraichibh
air an stad seo nar n-inntinnean fhein airson beagan uine)
P.
'S ann air ar sonne a dh'fhuilig thu, O Iosa bheannaichte; 'S ann air
son ar peacannan a chaidh do dhìteadh gu bàs.
Deònaich dhuinn
fuath agus gràin a bhith againn orra bho ghrunnd ar cridhe agus
dean
trocair oirnn. Amen.
S.
Dean trocair oirnn, A Thighearna.
P.
Dean trocair oirnn.
Fois
gu robh aig anmannan nam marbh chriedeach gu leir tro iochd Dhe.
Amen.
A
Mhàthair naomh, càirich gu domhain air mo chridhe lotan
an Tì a
chaidh a cheusadh.
(mar
seo criochnichear gach stad)
2
Stad: IOSA A' GABHAIL NA CROISE AIR A GHUAILLEAN / JESUS
RECEIVES HIS CROSS
S.
Ghabh Criosda a chrois throm air a ghuaillean. 'S e seo a meadhainn a
roghnaich e gus an saoghal a shaoradh.
P.
O mo Dhia, a chionns gu bheil thu cho math, tha mi duilich gun do
pheacaich mi nad aghaidh, agus le comhnadh do ghrasan cha pheacaich
mi tuilleadh. Amen.
3
Stad: IOSA A TUITEAM FON CHROIS A CHEUD UAIR / JESUS
FALLS UNDER HIS CROSS THE FIRST TIME
S.
Tha cudtrom ar peacannan a cuir ri cudtrom na croise. Chlaoidh i a
neart. Thuit e air an lar. Ach a' togail suas na croise, dh'eirich
Iosa a-rithist.
P.
O Dhia, tha sinn a' toirt gaoil dhut ler n-uile chridhe, agus os
cionn gach nì. Tha fior dhuilichinn oirnn gun do chuir sinn
riamh
mì-thlachd ort. Deònaich dhuinn nach cuir sinn rir
beò tuilleadh
mì-thlachd ort. Gum bi sinn a' toirt gaoil gun lasachadh dhut,
is
gum b'e ar sòlas do thoil naomh a dheanamh anns gach nì.
Amen.
4
Stad: IOSA 'S A MHATHAIR A' TACHAIRT / JESUS
MEETS HIS MOTHER
S.
Tha cridhe Moire gu bristeadh 's i a faicinn an diol a th'aig daoine
air a Mac ro-ghaolach. Ach tha ise, le bhith faisg air laimh a' toirt
furtachd agus tacsa dha.
P.
Cuimhnich, a Mhoire Oigh uile-chaomh, nach cualas riamh gun deachaidh
aon sam bith a riuth fod dhìon, a ghrìos do
chòmhnadh, agus a'
dh'iarr d'eadarghuidhe, a thrèigsinn. A glacadh misniche is
earbsa a
seo, tha mise, 'Oigh nan oighean, a' ruith gud ionnsaidh, A
Mhàthair,
gud ionnsaidh tha mi tighinn, agus a' caoidh mo pheacannan nad
làthair. A Mhàthair Iosa, na cuir suarach mo bhriathran,
ach èisd
gu tròcaireach, agus freagair m'achanaich. Amen.
5
Stad: A' CHROIS AIR A CARADH AIR SIMON CHIRENE / THE
CROSS IS LAID UPON SIMON CYRENE
S.
Bha Iosa comasach air a chrois fhein a tharraing. Ach gus samhladh a
thoirt dhuinn, gu bheil sinn ri bhith cuimhneach orrasan a tha'ann an
eiginn, leig e le Simon a chuideachadh.
P.
O mo Dhia, dha bheil mi a' toirt gaoil os cionn gach nì, tha mi
duilich bho ghrunnd mo chridhe gun do chuir mi mì-thlachd riamh
ort
lem pheacannan. Le còmhnadh do ghràs, tha mi a' cur
romham a seo
suas gun seachainn mi gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a
h-uile
ceann-adhbhar a' pheacaidh. Amen.
6
Stad: VERONICA A' TIORMACHADH AODAINN IOSA / VERONICA
WIPES THE FACE OF JESUS
S.
Tha Iosa a' sruthadh le fallas a' bhais. Thiormaich Veronica 'aodann
le searbhadair. Mar dhuais airson a coibhneis, dh'fhag esan
ìomhaigh
dhiadhaidh air an t-searbhadair.
P.
O mo Dhia, a chionns gu bheil thu cho math, tha mi duilich gun do
pheacaich mi nad aghaidh, agus le comhnadh do ghrasan cha pheacaich
mi tuilleadh. Amen.
7
Stad: IOSA A TUITEAM FON CHROIS AN DARNA UAIR / JESUS
FALLS UNDER THE CROSS A SECOND TIME
S.
Le cràdh nan lot, agus le a bhith sìor chall fala le gach
ceum,
thrèig a neart Iosa a rithist, agus thuit e ri làr an
darna uair.
P.
O mo Dhia, dha bheil mi a' toirt gaoil os cionn gach nì, tha mi
duilich bho ghrunnd mo chridhe gun do chuir mi mì-thlachd riamh
ort
lem pheacannan. Le còmhnadh do ghràs, tha mi a' cur
romham a seo
suas gun seachainn mi gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a
h-uile
ceann-adhbhar a' pheacaidh. Amen.
8
Stad: NA MNATHAN NAOMHA A' CAOIDH AIRSON AR SLANAIGHIR / THE
HOLY WOMEN WEEP FOR OUR SAVIOR
S.
A dh'aindheoin an staid anns a bheil e fhein, tha Iosa a' toirt
furtachd dha na mnathan naomha.
P.
O mo Dhia, a chionns gu bheil thu cho math, tha mi a' toirt gaoil
dhuit lem uile chridhe, agus air do shon-sa tha mi a' toirt gaoil dha
mo choimhearsnach mar dhomh fhin.
9
Stad: IOS' A' TUITEAM FON CHROIS AN TREAS UAIR / JESUS
FALLS UNDER THE CROSS THE THIRD TIME
S.
Bha Iosa a-nis gus a bhith air mullach Chalbhari, ach mun do
ràinig
e tur an t-àite san robh iad a' dol ga cheusadh, thrèig a
neart
a-rithis e, is thuit e ri làr an treas uair.
P.
O Dhia, tha sinn a' toirt gaoil dhut ler n-uile chridhe, agus os
cionn gach nì. Tha fior dhuilichinn oirnn gun do chuir sinn
riamh
mì-thlachd ort. Deònaich dhuinn nach cuir sinn rir
beò tuilleadh
mì-thlachd ort. Gum bi sinn a' toirt gaoil gun lasachadh dhut,
is
gum b'e ar sòlas do thoil naomh a dheanamh anns gach nì.
Amen.
10
Stad: AODACH IOSA GA SPIONADH DHETH / JESUS
IS STRIPPED OF HIS GARMENTS
S.
Ràinig iad mu dheireadh ionad na h-ìobairt is dh'ullaich
iad gu
Iosa a cheusadh. Spìon iad dheth aodach. Tha Iosa ris a bhas
fhulang
le gach nì saoghalta air a reubadh bhuaithe.
P.
'S ann air ar sonne a dh'fhuilig thu, O Iosa bheannaichte; 'S ann air
son ar peacannan a chaidh do dhìteadh gu bàs.
Deònaich dhuinn
fuath agus gràin a bhith againn orra bho ghrunnd ar cridhe agus
dean
trocair oirnn. Amen.
11
Stad: IOSA GA THAIRNEACHADH RIS A' CHROIS / JESUS
IS NAILED TO THE CROSS
S.
Thairg Iosa a lamhan agus a chasan dha Athair air nèamh an eirig
ar
peacannan agus dha na saighdearan gus an tàirneachadh ris a'
chrois.
P.
O mo Dhia, a chionns gu bheil thu cho math, tha mi a' toirt gaoil
dhuit lem uile chridhe, agus air do shon-sa tha mi a' toirt gaoil dha
mo choimhearsnach mar dhomh fhin.
12
Stad: IOSA A' BASACHADH AIR A CHROIS / JESUS
DIES ON THE CROSS
(Thigibh
air ar gluinean aig an staid seo)
S.
Thug Criosda tri uairean a dh'uine a' basachadh air a chrois. Thug e
mathanas dha luchd-ceusaidh, gheall e Pàras dhan mheirleach agus
chuir e Moire fo chùram Naomh Eoin. Bha a h-uile nì a nis
criochnaichte, agus gu ciuin a' cromadh sios a chinn, thug e suas an
deò.
P.
O Dhia, tha sinn a' toirt gaoil dhut ler n-uile chridhe, agus os
cionn gach nì. Tha fior dhuilichinn oirnn gun do chuir sinn
riamh
mì-thlachd ort. Deònaich dhuinn nach cuir sinn rir
beò tuilleadh
mì-thlachd ort. Gum bi sinn a' toirt gaoil gun lasachadh dhut,
is
gum b'e ar sòlas do thoil naomh a dheanamh anns gach nì.
13
Stad: IOSA GA CHUR AN UCHD A MHATHAIR NAOIMHE / JESUS
IS PLACED IN HIS MOTHER'S ARMS
S.
Thug Eosaph Arimathea agus Nicodemus a nuas corp Chriosda bharr na
croise agus chuir iad an uchd a mhàthair naoimh e.
P.
Failte dhut, a Bhànnrainn, a Mhàthair na tròcaire,
ar beatha, ar
sòlas is ar dòchas fàilte ort. Riutsa tha sinne,
sliochd
seachranach Eubha, a' togail ar gutha. riutsa tha sinn ag osnaich,
a'caoidh is ag acain, ann an gleann seo nan deur. Thoir, mata,
iuchair nan gràs, sùil fhial oirnne. Agus an dèidh
dhuinn a' chèin
thìr seo fhagail, feuch dhuinn toradh beannaichte do bhronn,
Iosa. O
Mhoire Oigh bhàidheil, ghràdhach, chaomh.
14
Stad: IOSA GA CHARADH SAN UAIGH / JESUS
IS LAID IN THE TOMB
S.
Thug na deisciobail corp Chriosda a uchd a Mhàthar, agus chuir
iad
san uaigh e. Dhùin iad an uaigh agus bha corp Chriosda an sin,
gu
uair 'aiseirigh ghlormhor.
P.
As an doimhneachd dh'eigh mi riut, a Thighearna, a Thighearna eisd
rim ghuth. Thugadh do chluasan an aire do ghuth m'achanaich. 'S ann
agadsa, a Thighearna, a tha tròcair agus saorsainn am pailteas.
Amen.
AIG
AN ALTAIR / AT
THE ALTAR
S.
Air an treas latha, dh'eirich Criosda gu beatha nuadh agus siorraidh.
Tha sinne comasach air pairt a ghabhail anns a bheatha seo tron
eaglais agus tro na sacramaidean.
Ar
n-Athair a tha air nèamh.....
Failte
dhut, a Mhoire......
Gloir
don Athair......
S.
Dean trocair oirnn, A Thighearna,
P.
Dean trocair oirnn.
Fois
shiorraidh gun robh aig anmannan nam marbh chreideach gu leir tro
iochd Dhe. Amen.
A
Spioraid
Naoimh
/
Prayer
to
the
Holy Spirit
A
Spioraid Naoimh, ar n-àrd-threise,
thig bho ghrian-chathair do
ghlòir',
sgaoil gach ceò tha 'gar cur iomrall,
's leig
soillsean dhe d' sholus oirnn.
Thig,
O Athair nan dìol-deirce,
do gach feumach sìn do làmh;
an
làmh bho'n tig gach rogha gibhte,
soilleirich gach cridhe dall.
A
Righ na comh-fhurtach 's an t-sòlais,
bu tu Aoidh an àigh do'n
anam;
chan fhairich e teas na ganntar,
's e 'nad làimh-sa
'triall gu aineol.
'S
tu bheireadh furtach agus tàmh,
do'n phiantach a bhios fo
sgìos;
a' mhal' air an laigh am pràmh,
's ann agads' tha
sòlas di.
O
Sholuis a's àille snuadh,
na bi'n dubhar oirnn 'nar càs;
is
ann an crìdh' do cheideach gaoil,
beòthaich teine caomh do
ghràidh.
Gun
do chòmhnadh-sa, 'Dhia threin,
chan eil sgoinn am mac an
duine;
chan eil ceann gun lochd fo'n ghrein,
's ann 'nad
mheinn-sa tha sinn uile.
Glan-sa
dhìnn gach uile thruailleachd,
uisgich le d' ghràsan ar
tart;
leighis gach anam a tha leòinte,
strìochd na
rag-mhuinealaich ri d' reachd.
Taisich
nèimh a' chridhe chruaidh,
bi'd chairt-ìuil dhuinn anns gach
gàbhadh,
's do na creidich 'tha 'nad earbsa,
thoir seachd
tìodhlaicean do ghràidh.
Treòirich
na creidich ri'm beò,
's na treig iad an uair am bàis;
sàbhail
an anam bho phian,
's gu meal iad do shìth gu bràth.
GNIOMH
CREIDIMH / ACT OF FAITH
O
mo Dhia,
tha mi creidsinn annad, agus anns a h-uile ni a tha
D'eaglais a teagasg,
a chionn 's gun tuirt Thu e agus gur fior
D'fhacal.
GNIOMH
DOCHAIS / ACT OF HOPE
O mo Dhia,
tha mo dhochas unnad
air son gras is gloir, a thaobh Do gheallaidhean,
Do throcair, agus
Do chumhachd.
GNIOMH
GRAIDH / ACT OF LOVE
O mo Dhia,
a chionn 's gu bheil
Thu cho math, tha mi a 'toirt gaoil Dhuit le m'uile chridhe,
agus air
do sgath-sa tha mi a' toirt gaoil dham choimhearsnach mar dhomh fhin.
TOBHARTAS
MAIDNE / MORNING OFFERING
O Iosa, troimh chridhe gun smal
Moire, tha mi a' tairgsinn Dhuit m'urnaighean, m'oibrichean, agus mo
sholasan air an latha 'n diugh air son uile bheachdan Do chridhe
uile-naomh, agus gu h-araid air son beachd ar n-athar naomh am Papa.
GNIOMH
AITHREACHAIS (FADA) / ACT OF CONTRITION - LONG
O
mo Dhia,
dha bheil mi a' toirt gaoil os cionn gach nì, tha mi
duilich bho ghrunnd mo chridhe gun do chuir mi mì-thlachd riamh
ort
lem pheacannan. Le còmhnadh do ghràs, tha mi a' cur
romham a seo
suas gun seachainn mi gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a
h-uile
ceann-adhbhar a' pheacaidh. Amen.
GNIOMH
AITHREACHAIS (GOIRID) / (ACT OF CONTRITION - SHORT)
O mo
Dhia,
a chionns gu bheil thu cho math, tha mi duilich gun do
pheacaich mi nad aghaidh, agus le comhnadh do ghrasan cha pheacaich
mi tuilleadh. Amen.
SUB
TUUM PRAESIDIUM / WE FLY TO THY PATRONAGE
Tha
sinn a ruith fod dhion, a Mhathair naomh Dhe, na diult ar n-iarrtas
an am ar feuma ; ach saor sinn daonnan bho gach cunnart, 'Oigh
ghlormhor agus bheannaichte.
MEMORARE
CUIMHNEACH
a Mhoir' Oigh uile chaomh, nach cualas riamh gun deachaidh aon sam
bith a ruith fod dhion, a ghrios do chomhnadh, agus a dh'iarr
t-eadarghuidhe, a threigsinn. A' glacail misniche is earbsa a seo tha
mise 'Oigh nan oighean, a' ruith gad ionnsuidh, A Mhathair, gud
ionnsaidh tha mi a tighinn, agus a caoidh mo pheacannan 'nad lathair.
A Mhathair Iosa, na cuir suarach mo bhriathran, ach eisd gu
trocaireach agus freagair m'achanaich. Amen.
|